Ron Jappy - Mairead Nan Cuiread

Tha mulad, tha mulad, tha lìonn-dubh orm fhèin
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
Tha de mhìghean air m’ aire, nì nach aidich mo bheul
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò
Mun òganach ghasda, ùr-mharcraich nan steud
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
Mun taca seo ’n uirigh bu leat m’ fhuran ro cheud
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò
Cha mhudh’ ort mi’m bliadhna, na eunlaith nan speur
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
Cha ’n innsinn dham phiuthair, meud mo chumha às do dhèidh
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò
No don mhàthair a rug mi, chuir mi cudtrom na ceum
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
Tha sac trom air mo chridhe, nach tog fìdheall nan teud
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò
Ach a Mhairead nan cuiread, ’s dàn a chuir thu orm breug
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
Thilg thu ormsa mar ailis, nach b’ uilear dhomh ’m brèid
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò
Gun robh leanabh am pasgadh fo asna mo chlèibh
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
Cuim’ nach innse tu ’n fhìrinn mar a dh’innsinn ort fhèin
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò
Thilg thu ormsa mar dhearrais gun robh m’ athair an èis
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
Cha b’ ionnan dar taighean nam laighe don ghrèin
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò
’S ann a gheibhte ’n taigh d’ athar cinn is cnamhan an èisg
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
’S ann a gheibhte ’n taigh m’ athar cinn is cnamhan an fhèidh
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò
’M faca sibh an t-òg uasal a’ chaidh suas an seo ’n dè
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
Dol a choimhead na gruagaich leis am buannaich e sprèidh
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò
Dol a choimhead na h-ighinn ’s gaol a chridh’ oirre fhèin
Hì rì hoireann ò! Hì rì hoireann ò
Dhòmhsa b’ aithn’ a’ chraobh uasal às do ghluaiseadh e fhèin
Hì rì ri rì o ho, Ro ho hì hoireann ò

Written by:
Traditional Traditional

Publisher:
Lyrics © O/B/O DistroKid

Lyrics powered by Lyric Find

Ron Jappy

Ron Jappy

View Profile